Gaelic Production Apprentice Scheme 2020

Gaelic Production Apprentice Scheme 2020

Sunday, 29 March 2020, 5.00pm

An e gu bheil sibh air leth math air rian a chumail air gnothaichean agus deònach sgilean mar sin a chur an gnìomh mar thaic do phrògraman is eile aig a’ BhBC?

Air neo:

An e gu bheil sibh làn bheachdan a ghabhas a chleachdadh ann an TBh no rèidio no air-loidhne?

Ma fhreagras sibh, “’S e” gu dearbh, bu toil leinn cluinntinn bhuaibh!

Dh’fhaodadh gur e Sgeama na Preantasachd Gàidhlig a’ chiad cheum a ghabhas sibh mu choinneamh obair anns na meadhanan.

Ri linn an sgeama seo bithidh sibh a’ gabhail pàirt an dà chuid ann an obair agus oideachas, a thuilleadh air ruigsinn Ìre 3 ann an Creative and Digital Media bho ionad foghlaim faisg air làimh.

Main Responsibilities:
Ma shoirbhicheas leibh, bithidh sibh ag obair mar bhall de ghrunn sgiobaidhean air TBh, air rèidio agus air loidhne, agus bithidh sibh a’ cur eòlas air deasachadh agus rianachd , gun luaidh air mòran ùine am measg nan sgiobaidhean Gàidhlig. Bithidh cothrom agaibh cuairt a ghabhail mu roinnean mar:

BBC Studios Factual riochdachadh phrògraman air TBh (nam measg Saidheans, Ealain agus Aithrisean)
BBC Sport a bhios a’ libhrigeadh leithid Sportscene, Off The Ball agus Sportsound, a thuilleadh air naidheachdan air TBh, rèidio, seirbhisean air loidhne agus na meadhanan sòisealta.
– Music, Entertainment and Events - Dh’fhaodadh sibh a bhith an lùib obrach le sgioba ciùil air rèidio air prògraman mar na Quay sessions no Celtic Connections a thuilleadh air leithid Breaking the News.
– Multiplatform development – Seo cridhe a’ chruthachais do BBC Scotland TV, don tairgse dhidseataich agus do phrògraman èisteachd.
– Childrens – Farsaingeachd de phrògraman chloinne, mar ‘The Dog ate my homework’ anns am bith grunn ghnìomhan ann an oifis is ann an stiùideo.
– Digital – Cruthaichidh sinn suspaint didseatach mar Bitesize, a bheir seachad taic do dh’fhoghlam, The Social agus BBC Arts Online.
– News and Current Affairs – naidheachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta air rèidio, air TBh agus air loidhne do dh’Albannaich agus càch anns an Rìoghachd Aonaichte.
– Roinn na Gàidhlig – A’ cruthachadh diofar phrògraman airson na seirbhisean BBC ALBA agus dhan luchd-èisteachd air BBC Radio nan Gàidheal.

Nuair a bhios sibh ag obair cuide ri sgioba riochdachaidh, bheir sibh cobhair seachad gus stiùireadh an riochdachaidh a chumail air dòigh, agus dh’fhaodach gun gabhadh sibh os làimh gnothaichean mar chlàran-ùine agus bòiseidean, aithrisean sgrìobhte rè agus an dèidh an riochdachaidh, cuairtean a chur air dòigh agus cuid na h-oidhche fhaighinn..

Chan iongnadh ged a thogadh sibh sgilean anns na sgiobaidhean deasachaidh a bhios gu sònraichte titheach air suspaint a chruthachadh. Dh’fhaodadh gum bi sibh nur neach-ruithe ann an oifis, ann an stiùideo air neo a-muigh. ’S iongantach mura bi cothroman rannsachadh a ghabhail os làimh cuideachd do sgeulachdan, àiteachan, luchd-bruidhne agus uidheamachd, gun luaidh air camarathan is acfhainn a ghiùlan, sgrìobhaidhean a sgaoileadh agus feadhainn an làthair a choimhead ach am bi iad cofhurtail is sàbhailte..

An dèidh preatasachd a chrìochnachadh, dh’fhaodadh sibh obraichean mar seo a shireadh:

Neach-ruithe
Cuidiche Susbaint
Rannsaiche (aig toiseach tòiseachdainn)
Taic Riochdachaidh

Are you the right candidate?
Ma bhios sibh dhen bheachd gum faodadh an sgeama seo a bhith freagarrach dhuibh, seo na bhios sinn a’ sireadh …

Gu deimhinne, bithidh sibh:
– Air leth deidheil air susbaint air TBh, air rèidio no air loidhne, agus air bhioran gus ionnsachadh mun riochdachadh o bhun gu bàrr
– Titheach air obair cuide ri feadhainn eile agus math ann an sgioba
– Gu sònraichte rianail agus comasach air sin a dhearbhadh air a’ chlàr-tagraidh
– Loma-làn smuaintean cruthachail agus cha bhi dùbhlan ann an spiorad sin a dhearbhadh anns an tagradh
– A’ gabhail ùidh anns na bhios BBC Scotland a’ cruthachadh, agus gu seachd àraidh Roinn na Gàidhlig
– Comasach air an ùine agaibh a roinn eadar na tacain obrach, foghlam aig colaiste agus oideachas eile
– A’ seachnadh seo a ghabhail os làimh mar bhliadhna de dh’fhois
– Comasach air Gàidhig a bhruidhinn agus a sgrìobhadh gu foirfe
– De dh’aois 18 bliadhna no seachad oirre nuair a thòisicheas an sgeama anns an t-Sultain 2020

WebsiteAdd a Listing

Published by The Journal of Music on 13 March 2020

comments powered by Disqus

Please note that some listings are added by third parties. The Journal of Music does not take responsibility for the content or accuracy of listings published by third parties on this site. The Journal of Music reserves the right to edit or delete listings. Click here to add a listing, login or register.